'S Daor A Cheannaich Mi'n t-Iasgach Ishbel MacAskill

Tekst piosenki

  • Tekst piosenki Redakcja
'S daor a cheannaich mi 'n t-iasgach
Seo a' bhliadhna chuir as dhomh
'S daor a cheannaich mi 'n stòp
A bh'air a' bhòrd an Taigh 'Chladaich

'S daor a cheannaich mi 'n stòp
A bh'air a' bhòrd an Taigh 'Chladaich
Tha do phiuthar gun bhràthair
'S tha do mhàthair gun mhacan

Tha do phiuthar gun bhràthair
Tha do mhàthair gun mhacan
Tha do bhean òg gun chéile
'S tha mi fhéin dheth gun dalta

Tha do bhean òg gun chéile
'S tha mi fhéin dheth gun dalta
Tha do leabaidh gun chàradh
__

Tha do leabaidh gun chàradh
__
Tha do léine chaol bhòidheach
Aig na rònaibh 'ga sracadh

Tha do léine chaol bhòidheach
Aig na rònaibh 'ga sracadh
Tha do ghàrtanan rìomhach
Air ìngnean nam portan

Tha do ghàrtanan rìomhach
Air ìngnean nam portan
'S daor a cheannaich mi 'n t-iasgach
Seo a' bhliadhna chuir as dhomh




Oceń to opracowanie
anonim