Puirt A Beul Ishbel MacAskill

Tekst piosenki

  • Tekst piosenki Redakcja
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
'S fad' na h-oidhche bhò-raoir
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
'S fad' na h-oidhche bhò-raoir
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill

Sìaban na mara
Tha dol seachad air gach taobh dhiom
Ìomhaigh mo leannain ann
Anna Choinnich Dhòmhnaill
Sìaban na mara
Tha dol seachad air gach taobh dhiom
Ìomhaigh mo leannain ann
Anna Choinnich Dhòmhnaill

Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
'S fad' na h-oidhche bhò-raoir
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
'S fad' na h-oidhche bhò-raoir
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill

Cuid am baile Ghrabhair
Tha 'g ràdh nach eil i deònach
Thug mi gaol 's cha dhealaich mi
Ri Anna Choinnich Dhòmhnaill
Cuid am baile Ghrabhair
Tha 'g ràdh nach eil i deònach
Thug mi gaol 's cha dhealaich mi
Ri Anna Choinnich Dhòmhnaill

Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
'S fad' na h-oidhche bhò-raoir
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
'S fad' na h-oidhche bhò-raoir
Tha m'inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill

Nighean bhuidh' ruadh bh'aig Dòmhnall Ruadh Pìobair
Rachadh i bhall nam faigheadh i fìdhleir
Nighean bhuidh' ruadh bh'aig Dòmhnall Ruadh Pìobair
Dhèanadh i sìth nam faigheadh i dram
Nighean bhuidh' ruadh bh'aig Dòmhnall Ruadh Pìobair
Rachadh i bhall nam faigheadh i fìdhleir
Nighean bhuidh' ruadh bh'aig Dòmhnall Ruadh Pìobair
Dhèanadh i sìth nam faigheadh i dram

Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i cìreadh

Cur nan gobhar as a' chreig
Se 'n fhèileadh beag bu docha leam
Cur nan gobhar as a' chreig
Se 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam
Cur nan gobhar as a' chreig
Se 'n fhèileadh beag bu docha leam
Cur nan gobhar as a' chreig
Se 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam

Se 'n fhèileadh, se 'n fhèileadh
Se 'n fhèileadh beag bu docha leam
Se 'n fhèileadh, se 'n fhèileadh
Se 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam
Se 'n fhèileadh, se 'n fhèileadh
Se 'n fhèileadh beag bu docha leam
Cur nan gobhar as a' chreig
Se 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam

Nam faighinn-sa mo roghainn-sa
Se e 'n fhèileadh beag bu docha leam
'S nam faighinn-sa mo roghainn-sa
Se e 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam
Nam faighinn-sa mo roghainn-sa
Se e 'n fhèileadh beag bu docha leam
'S nam faighinn-sa mo roghainn-sa
Se e 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam

Se 'n fhèileadh, se 'n fhèileadh
Se 'n fhèileadh beag bu docha leam
Se 'n fhèileadh, se 'n fhèileadh
Se 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam
Se 'n fhèileadh, se 'n fhèileadh
Se 'n fhèileadh beag bu docha leam
'S nam faighinn-sa mo roghainn-sa
Se e 'n fhèileadh beag a b'fhearr leam

Oceń to opracowanie
anonim