Tha Mo Spiorad Cianail Ishbel MacAskill

Tekst piosenki

  • Tekst piosenki Redakcja
Tha mo spiorad cianail
Gach latha tha 's a'bhliadhna
'S e dh'hàg mi òg ri liathadh
Nach fhaod mi triall do chladaichean

Cha chluinn mi sàl ri m' chliadhaich
A tràthadh no ri lìonadh
'S na bàtaichean ri iasgach
Gu rianail mu do chamusan

Chan fhaic mi stamh neo maorach
No'n duilisg milis craobhach
Ged 's tric a bha mi crùbach
Gam buain bheir taobh nan carachan

'S an fheasgar ceòthar bàghach
Nì an t-eadhar seòladh sàmhach
Cha chluinn mi fuaim nan ràmh aic'
Neo fuaim an t-sàl mu'n toiseachs' aic'

Cha chluinn mi diog nan clèibh aic'
Nuair bhios iad a'toirt an èisg asd
'S na balaich bheag' ag èigheach
A'ruith 's a'leum 's iad cas-ruisgte

Tha mo spiorad cianail
Gach latha tha 's a'bhliadhna
'S e dh'hàg mi òg ri liathadh
Nach fhaod mi triall do chladaichean




Oceń to opracowanie
anonim